An t-Eilean Sgitheanach/Isle of Skye

Primary 5-7 write:

 

Tha Clas 5-7 Gàidhlig dìreach air tilleadh bhon Eilean Sgitheanach.  Bha sinn air falbh còmhla ris ar tidsear Mgr Oliver agus Leanne Wells airson faighinn a-mach rud beag mu saoghal na Gàidhlig taobh a-muigh Eilean Ìle.  Bha sinn a’ fantail aig Sabhal Mòr Ostaig; bha na seòmraichean gu math cofhartail agus bha am biadh air leth math.  A bharrachd air sin, bha a h-uile duine a’ bruidhinn Gàidhlig rinn!

Chunnaic sinn na togalaichean aca aig Sabhal Mòr Ostaig, sean agus ùr agus ionnsaich sinn mar a bhios iad a’ dèanamh programan telebhisean.  Bha tòrr spòrs againn cuideachd: bha sinn a’ streap air tùr bhogsaichean (crating) agus a’ seòladh ann an curach fosgailte (canoeing); chluich sinn camanachd; chunnaic sinn fiolmaichean; agus bha blàr Nerf Gun againn.

Cha deach a h-uile rud mar bu chòir ged-tà: bha dealanach agus tàirneanach ann agus mar sin cha b’ urrainn dhuinn cèilidh air Bun-sgoil Shlèite oir bha i dùinte.  Chaidh sinn a shnàmh na àite agus bha sinn a’ cèilidh orra an ath latha.  A bharrachd air sin chaidh ar stad leis a’ phoileas.  Cha d’ rinn sinn dad ceàrr ged-tà; ‘s ann gun robh làraidh uabhasach mòr a’ tighinn sìos an rathad.

‘S e astar mòr a th’ ann dhan Eilean Sgitheanach ach chòrd e rinn gu mòr agus rinn sinn tòrr rudan spòrsail.

“Bha spòrs againn ann an Cille Mhàrtainn,” Anna.

“Bha e dòrainneach air a’ bhus ach chunnaic sinn tòrr sneachd,” Isi.

“Bha Nerf Gun War gu math spòrsail,” a h-uile duine.

“Bu thoil leam camanachd,” Harry.

 

Isle of Skye

 

The Primary 5-7 Gaelic class has just returned from the Isle of Skye.  We went away with our teacher Mr Oliver and Leanne Wells to find out about the world of Gaelic outside Islay.  We stayed at Sabhal Mòr Ostaig (the Gaelic College); the rooms were very comfortable and the food was great.  Everyone spoke to us in Gaelic as well!

We saw all the buildings at Sabhal Mòr Ostaig, old and new and we learned about how they make television programmes.  We had lots of fun as well: we were climbing up towers of boxes (crating) and sailing in open canoes; we played shinty; we watched films; and we had a Nerf Gun War.

Not everything went as planned though: there was thunder and lightning and as a result we could not visit Sleat Primary School as planned because it had to shut.  We went swimming instead and we visited the school the next day.  We also were stopped by the police.  We hadn’t done anything wrong though; there was a huge lorry coming down the road and there wasn’t room for us to pass.

It’s a long way to the Isle of Skye but we thoroughly enjoyed it and we did lots of fun things.

“We had fun in Kilmartin,” Anna

“It was boring on the bus but we saw lots of snow,” Isi

“The Nerf Gun War was great fun,” everybody.

“I enjoyed the shinty,” Harry.